An Tuirc agus Canan na Cruinne
‘S ann amharasach a bha mi ‘smi deanamh mo slighe don Tuirc. Chan ann mu chultar an duthaich fhein ach mu nadur na fir. Gu ruige sin, cha robh eolas agam air Mic an Tuirc ach ann an da dhoigh. Bha mo charaid, Serhat, leis an robh mi a siubhail air bhith fuireach leam an Lunnainn fad am bliadhna ud agus se daoine gasda da rireabh a bh’ann. Thilleadh aireasan s’ann trobhn’ iomhaigh a bha am Bocsa Telebhisean a dearsadh nam shuilean am sam bith a bha sgioba ball-coise Breatannach mi-fhortunach gu leor thighinn an aird an aghaidh sgioba Turcach - agus gu h-araidh Galatasaray an Istanbul - a bha mi eolach air sluagh na duthcha. Ar-a-mach agus sabaisd agus muirt. “Failte do dh’Ifrinn” a bhiodh na brataich ag radh nuair a bhiodh luchd-taic a cuir failte air sgioba choigreach 'siad a deanamh an t-slighe bhon port-adhar a-steach dom baile.
Mu bha iad cho mi-chaoimhneal ri balaich bhoigheach am Premiership Sasannach de an seorsa naimhdeas diabhailte a dh’fhairicheadh iad dhomhsa - fear mor, reamhar le feusag agus droch haircut o na h-Eileain!
Ach, mur thachair, cha robh aca nan nadurr ach cairdeas agus gaire mar is tric air naodainn. Agus gu dearbh nach ann feumail a bha am began foghlam a th’agam mu eachdraidh ball-coise san duthaich ud. S’iomadach turas a bha deagh chomhradh agam le Tuirceach - agus iad gun facal Beurla agus mi fhein gun facal Turcais - 's sinn a deanamh a chuis le 9 facail abhainn: Graeme Souness, Glasgow, Celtic, Rangers, Galatasaray, Fenerbahce, Scotland agus cora-uair ‘Nakamura’.
Gu dearbha cha bu choir dhomh bhith air iongnadh sam bith fhairacainn mu’n cuis seo - dh’ionnsaich mi thairis air na bliadhnachan chuir mi seachad an Lunnainn gur e ball-coise, seach Beurla, am fior chanain eadar-naiseanta. Suigh sios aig boird le cuid bho duthchanan cho sgaipte ri Paraguay, Canada, Iapan, an Eiphit, na Frainge, an Eadailt agus Kenya agus gun teagamh cho luath sa tha sibh air faighneachd agus freagairt “De an t-ainm a thoirt?” agus “Co as a tha sibh?” tionndaidhidh an comhradh gu ball-coise. “Co bhios tu leanntainn?” “Seadh, nach truagh mar a thachair ri metatarsal Beckham?” “Bheil sibh am beachd gun dean sgioba sam bith a chuis air Barcelona am bliadhna?” agus mar sin air adhart.
Ged nach biodh moran cliu aig cluchaidear na bhaile fhein an duthaich bheag gun ainm faodar bhith cinnteach, mu theid e a chluich thall-thairis, gun tig an t-am nuair a bhios deagh chairdeas steidhichte air ainm nuair choinneachas fear san rioghachd aige fhein ri fear bhon duthaich gu na ghluais e.

Labels: an tuirc, ball-coise, football, Gaelic, Gaidhlig, Scotland, travel, Turkey, world language