Wednesday, April 19, 2006

Abair 'ups and downs' ann an latha

Uill, fhuair mi naidheachd mhath agus naidheachd dhona and diugh. An toiseach - chaidh faighneachd dhomh an robh mi airson a dhol dhan an Spainn an ath sheachdainn a choimhead an dara geam anns an semi-final aig Arsenal 'san Cupa Eorpach ; Miorbhaileach! Gu dearbh dheidhinn ann thuirt mi. Airson uair a thide no dha bha mi gle thoilichte, mar a bhiodh sibh a smaoineachadh, ach an uairsin 'sann a chuimhnich mi gun robh am passport agam air criochnachadh 'o chionn coir air mios...chan urrainn dhomh smaoineachadh air radh sam bith a bharrachd air "kick in the balls" airson mar a bha seo a faireachdainn. Dh'fhonaig mi Oifis a Phassport a dh'fhaicinn am b'urrainn dhomh cail a dheanamh mu dheidhinn agus thuirt iad gum b'urrainn dhomh a dhol a steach dhan fhaicinn air Diluain - an dearbh latha a bhithinn a sgeith gu Villareal. 'Sdocha gum faigh mi am passport agam ann an tide ach chan eil e a coimhead robh choltach. Ach, c'est la vie mar a chanas feadhainn - de th'anns an Champions League nuair a tha thu air West Side fhaicinn a cluich anns an Jock Stein Cup?

2 Comments:

Blogger Graisg said...

Abair tachartas mì-fhortanach, ach na gabh cus dragh, tha Tìr nam Blòg faisg air làimh 24/7, fàilte ort ‘ille. PS. Nach bi pàirc ùr aig an Gunners an ath bhliadhna?

8:30 pm  
Blogger an Lunnainneach said...

Bi pairc ur aca - Chunna' mi e an turas mu dheireadh a chaidh mi gu Highbury ( a dh'fhaicinn Arsenal an aghaidh Liverpool - geam math ) agus tha e a coimhead miorbhaileach. Gabhaidh e mur 60-70,000 mile neach tha mi a smaoineachadh. Tha Highbury snog gu leor ach chan e am pairc is fhearr aig an robh mi a riabh - 'se sin Hampden no sdocha Craven Cottage bheag aig Fulham.

12:07 pm  

Post a Comment

<< Home