Thursday, April 27, 2006

Uill, tha fios againn a-nis gum bith an 'dream final' ann an Cupa na Roinn Eorpa am bliadhn' is. Chaidh Barca tre a raoir an aghaidh AC Milan agus chunnaic sinn Arsenal a fhaighean tre ( gu fortunach oir chluich iad sgriosail ) an aghaidh Villareal - an geam aig an robh coir agam a bhith. 'S toil leam Barca ach tha mi an dochas gun dean Arsenal a chuis mar an sgioba Breatannach ach tha aon phairt den sgioba aca a nas lag na a choir - an defence. Bha mi aig an geam mor ann an Lunnainn a Tuath air disathairne eadar Tottenham agus Arsenal agus ghabh mi beag iongnadh gun robh Arsenal air a' dhol cho fada a cluich anns an Roinn Eorpa ( mu 9 geam a-nis) gun leigeal taghal sam bith seachad. Chan eil aca ach aon dionadair math - Kolo Toure - agus a choir aca robh og, no as aonais cus comas anns an geam. Mu chailleas iad air an 17 den Ceitean chan ann is coireach nach do cluich Henry no Bergkamp no Reyes no Fabregas gu ire ard ach nach b'urrainn do chluicheadaran mar Senderos/Clichy deanamh a chuis air Ronaldinho agus na cluicheadaran miorbhailleach eile a th'aig na Catalanaich - gu dearbh dh'fhaodadh Bobby Moore, Billy McNeil, Dave MacKay agus Baresi a bhith agad mar defence agus cheairt is docha nach seasadh iad an ard ri Ronaldinho, Larsson, Deco, E'to, Messi etc a mhain air na oganaich a tha cluich an sin dha Arsenal. Tha on rud cinnteach mu'n geam ri thighean ge-ta ; bith e cho math ri geam 'sam bith a chunnaic sinn a riabh.

Wednesday, April 19, 2006

Abair 'ups and downs' ann an latha

Uill, fhuair mi naidheachd mhath agus naidheachd dhona and diugh. An toiseach - chaidh faighneachd dhomh an robh mi airson a dhol dhan an Spainn an ath sheachdainn a choimhead an dara geam anns an semi-final aig Arsenal 'san Cupa Eorpach ; Miorbhaileach! Gu dearbh dheidhinn ann thuirt mi. Airson uair a thide no dha bha mi gle thoilichte, mar a bhiodh sibh a smaoineachadh, ach an uairsin 'sann a chuimhnich mi gun robh am passport agam air criochnachadh 'o chionn coir air mios...chan urrainn dhomh smaoineachadh air radh sam bith a bharrachd air "kick in the balls" airson mar a bha seo a faireachdainn. Dh'fhonaig mi Oifis a Phassport a dh'fhaicinn am b'urrainn dhomh cail a dheanamh mu dheidhinn agus thuirt iad gum b'urrainn dhomh a dhol a steach dhan fhaicinn air Diluain - an dearbh latha a bhithinn a sgeith gu Villareal. 'Sdocha gum faigh mi am passport agam ann an tide ach chan eil e a coimhead robh choltach. Ach, c'est la vie mar a chanas feadhainn - de th'anns an Champions League nuair a tha thu air West Side fhaicinn a cluich anns an Jock Stein Cup?

Monday, April 17, 2006

Ho-bhobh - Seo a' chiad post agam.